This news is bought to you by Rèidio Albannach Astràilia-a-Deas, which broadcasts weekly from South Australia. The bilingual programme broadcasts on the first Tuesday of each month, and you an listen live at www.5ebi.com.au, or find an archive of programmes as a podcast at [ Ссылка ].
barrachd air - more than
bàta-tumaidh - submarine
cruthaich - create
duilgheadasan - difficulties
eigh - ice
fèis-ciùil - music festival
gu h-àraidh - especially
iomairt - initiative
làrach - site, location
measglachadh - a mixture
sgrudadh - study, survey
tachartas - event
ag ullachadh - preparing
Tha an Eden Project a’ togail làrach ùr ann an Dun Dèagh. Tha làrach aca anns a’ Chòrn. ‘S e sin an coill-uisge a ‘s motha ‘s an t-saoghal a tha taobh-a-staigh. Bidh barrachd air millean daoine a’ dol ann gach bliadhna. Thuirt an Eden Project gum bhitheadh barrachd air dà cheud duine ag obair aig an làrach ùr. Thuirt iad gun cruthaich an làrach barrachd air fichead-sa-seachd millean nòt dhan eaconomaidh ionadail. Thuirt Prìomh-mhinistear Nicola Sturgeon gu bheil na planaichean “cho iongantach sa gabhas”. Thuirt i gum bitheadh an iomairt a’ dèanamh pàirt mhòr gus Dun Dèagh a chuideachadh a-mach às na duilgheadasan eaconomach COVID.
Chuir an Ionad Nàiseanta Cuan-Eòlas bàta-tumaidh a-steach ann an Loch Nis an seachdain seo. ‘S e Boaty McBoatface a th’ air. Chaidh e ainmeachadh leis a’ phoblachd bho chionn dà bhliadhna. Tha iad ag ullachadh airson sgrudaidhean domhainn fo mhara. Chì Boaty McBoatface beathaichean na mara fo beanntan-eighe agus fo eigh nam pòilean. ‘S urrainn dhà bualadh air a’ mhuir gu domhainn sia cilemeatairean. Tha iad ag ullachadh ann an Loch Nis air sgàth ‘s gu bheil an loch mòr agus domhainn. Bhitheadh e na ‘s fhasa bàta-tumaidh briste fhaighinn air ais bho ‘n loch na bhitheadh bho ‘n mhuir fhèin.
Thachair fèis-ciùil beò faisg air Inbhir Nis an seachdain seo chaidh. ‘S e “Capers in Cannich” a bh’ air. ‘S e a’ chiad fèis-ciùil beò ann an Alba bho ‘n a thòisich COVID a th’ ann. Thàinig dà cheud daoine gu leth. Dh’fhuirich iad anns na bubbles sòisealta aca anns teantaichean spaiteil. Dh’fhaodadh iad suidhe a dhèanamh air bèilichean feòir faisg air an àrd-ùrlair. Bha app ann gus biadh agus deòchan fhaighinn. Bhitheadh an cuid bìdh a’ tighinn dhaibh-fhèin far an robh iad. ‘S e fèis ùr tha seo, agus mar sin b’ urrainn do ‘n luchd-stiùiridh an fhèis a thogail slàn a rèir riaghailtean a’ bhìorais.
Bidh a’ Mhòd Rìoghail Nàiseanta ann an Inbhir Nis ann an Dàmhair. Bidh measglachadh de stuth sa bhaile fhèin agus air-loidhne ann. Bidh Comhairle na Gàidhealtach a’ cuir ceithir-fichead-mìle nòt ri Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis. “Tha na tha am Mòd a’ tabhann a thaobh cànain, cultair is chùisean eaconomach cudthromach do dh’Inbhir Nis agus dhan sgìre mun cuairt, gu h-àraidh às dèidh ChOVID,” thuirt Neach a’ Chomhairle Calum Rothach, Cathraiche Chomataidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, “‘S e àrd-ùrlar air leth a bhitheas sa Mhòd airson cothram a thoirt do dhaoine de gach aois com-pàirt a ghabhail ann an tachartasan, co-dhiùbh is ann air-loidhne neo san dòigh thraidiseanta,” thuirt e. Cuideachd ‘s e cothrom a th’ ann do dhaoine taobh-a-muigh Alba.
Ещё видео!